Superhero
le MacTV

airson BBC Alba


Superhero

Leis cho math ’s a chaidh le Catrìona ’s na Colourists, thàinig Catrìona NicilleDhuibh còmhla ri MacTV gus dàrna film aithriseach leathuair a thìde a dhèanamh.

’S i a’ gabhail iongnadh nach eil sàr-ghaisgeach beothaichte Gaidhealach ann, a dh’ainneoin na th’ againn de sgeulachdan, tha Catrìona a’ cur roimhpe a’ chùis a chur ceart. Tha i a’ lorg Gaidhil aig a bheil diofar sheòrsaichean caitheamh beatha agus a’ faighneachd dhaibh ciamar a chitheadh iad sar-ghaisgeach beothaichte Gaidhealach.

Tha Catrìona a’ bruidhinn ri daoine a tha eòlach air ealain, air bàrdachd, air poileataigs agus air iasgach. ’S i a’ tarraing fad an t-siubhail, chan eil i fada a’ togail dealbh de na gaisgich ’s na blaigeardan ann am mac-meanmna Gàidhlig an latha an-diugh.

Mu dheireadh tha i a’ lorg a sàr-ghaisgeach: Sgàthach, a’ bhanrigh bhorb Sgitheanach aig na sgeulaichean. Tha Catrìona a’ cur car san sgeul ás an latha an-diugh: tha Sgàthach a’ dìon An Dòigh Gàidhlig le arm dìleas de ghràinneagan Uibhisteach.

Anns a’ chiad eachdraidh luath-ghluasadaich mu Sgàthach, tha a’ bhana-ghaisgeach a’ strì ri Poacherman dona, blaigeard lannach aig a bheil gràin do-thuigsinn do dh’iasg.

Chaidh Superhero a shealltainn mar phàirt den t-sreath ealain Ealtainn air BBC2 Alba ann an Dàmhair 2005.