Calum Noah: The Very First Sword Dance
Air a chomiseanadh le BBC Alba;
airgead bho
Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig
agus Crannchur Nàiseanta Sgrìon Alba


Calum Noah
The Very First Sword Dance


Càite, cuin, agus có leis, a chaidh a’ chiad dannsa chlaidheamh a dhèanamh? Tha sinne a’ smaointinn gur e Calum, mac Noah, a rinn e, nuair a bhuin an Àirce ri tìr. Tha Calum Noah a’ toirt sùil spòrsail air mar a thòisich an danns, ag innse sgeulachd bhon Eilean Sgitheanach a chaidh a dhìochuimhneachadh le móran.

Tha am beothadair Catrìona NicilleDhuibh a’ togail nam bruisichean peanta masa-fìor aice gus saoghal fliuch, dathach, draoidheil a chruthachadh. Chaidh an ceòl a sgrìobhadh agus a chluich leis a’ chluicheadair-bhocsa ioma-thàlantach Simon Thoumire, agus tha an sgriobt le Mairead Ros á Gleann Dail anns an Eilean.