Catrìona 's na Colourists
Bha
stiùiriche Am Bocsa, Catrìona NicilleDhuibh, ri fhaicinn
anns a' phrògram aithriseach leth-uair a thìde seo san
t-Sultain. Lean Catrìona s na Colourists na h-oidhirpean
aig Catrìona gu bhith a lorg càit an do pheant
na Dathadairean na dealbhan aca agus gu bhith gan ath-chruthachadh
ás a seasamh mar dhealbhan beò.
Dhiarr riochdairean MacTV air Catrìona am prògram
a dhèanamh as déidh dhaibh Pìobairean
Bhòrnais fhaicinn aig Féis Film agus
Telebhisean nan Dùthchannan Ceilteach. Nuair a thuig iad mar
a tha i a dèanamh dealbhan beò coltach ri peantaidhean-ola
gluasadach, agus an t-eòlas a tha aice air eachdraidh ealain,
bha fios aca gun do lorg iad an duine bha dhìth orra.
Se sgeulachd làn dibhearsain a thàinig ás, a
leantainn Peploe, Hunter, Cadell agus Fergusson tro na beanntan s
na boglaichean. Gun luaidh air a chràdh chridhe an lùib
feuchainn ri dealbhan beò a dhèanamh le fior pheant,
air trì leòsain ghloine, le camara
seann-fhasanta, air tràigh ghaothach, ann an nas lugha na latha.
Chaidh
Catrìona s na Colourists a-mach mar phàirt
den t-sreath ealain Ealtainn air BBC2 Alba ann an Sultain 2004,
agus ann an Céitean 2005. Chaidh e a thaghadh cuideach airson
Féis
Film is Telebhisean nan Dùthchannan Ceilteach, a ghabh
àite ann an Cardiff sa Ghiblinn.
